Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar sin sibhse, nuair a nì sibh na h‑uile nithean a dh’àithneadh dhuibh, abraibh, Is seirbhisich neo-thairbheach sinn: oir rinn sinn a‑mhàin an nì a bu dligheach dhuinn a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.

Agus tha sinne uile mar nì truaillidh, agus ar n‑uile fhìreantachd mar luideig shalaich; agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach; agus rinn ar lochdan, mar a’ ghaoth, ar giùlan air falbh.

Agus thàinig iad a‑steach, agus shealbhaich iad e; ach cha tug iad gèill dod ghuth-sa, cha mhò a ghluais iad ann ad reachd; cha do rinn iad nì sam bith de na h‑uile nithean a dh’àithn thusa dhaibh a dhèanamh; uime sin thug thu an t‑olc seo uile orra.

Agus tilgibh an seirbhiseach mi‑thairbheach seo do dhorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

A‑nis, a’ dol suas dha gu Ierusalem, chaidh e tro mheadhon Shamaria agus Ghalile.

An toir e buidheachas don t‑seirbhiseach sin do bhrìgh gun do rinn e na nithean a dh’òrdaicheadh dha? Cha saoil mi gun toir.

No cò a thug dha air tùs, agus a làn-dìolar a‑rìs dha e?

Chlaon iad uile as an t‑slighe, tha iad uile mì‑thairbheach; chan eil neach a tha a’ dèanamh maith, chan eil fiù a h‑aon.

Neach a bha uaireigin neo-thairbheach dhutsa, ach a‑nis a tha tairbheach dhutsa agus dhòmhsa:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan