Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 17:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt e ra dheisciobail, Chan fhaodar nach tig oilbheuman: ach is an‑aoibhinn dhàsan tron tig iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Ach air tionndadh dhàsan, thubhairt e ri Peadar, Imich air mo chùl, a Shàtain; is oilbheum dhomh thu: oir chan eil spèis agad de nithean Dhè, ach de nithean dhaoine.

Is an‑aoibhinn don t‑saoghal airson oilbheuman: oir is èiginn do oilbheuman teachd; ach is an‑aoibhinn don duine sin tron tig an oilbheum.

Agus thubhairt e ris, Mura èisd iad ri Maois agus ris na fàidhean, cha mhò a chreideas iad, ged èireadh neach o na mairbh.

Uime sin na tugamaid breith air a chèile nas mò: ach gum b’fheàrr leibh a’ bhreith seo a thoirt, gun adhbhar tuiteim no oilbheim a thoirt do bhràthair.

A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, comharraichibh iadsan a tha a’ togail roinnean agus a’ toirt oilbheim, an aghaidh an teagaisg a dh’fhòghlaim sibh; agus seachnaibh iad.

Na tugaibh adhbhar oilbheim do na h‑Iùdhaich, no do na Greugaich, no do eaglais Dhè:

Oir is èiginn saobh-chreideamh a bhith nur measg, a‑chum gun dèanar follaiseach an dream a tha dearbhte nur measg.

Uime sin ma bheir biadh adhbhar oilbheim dom bhràthair, chan ith mi feòil a‑chaoidh, a‑chum nach toir mi adhbhar oilbheim dom bhràthair.

A‑nis tha an Spiorad ag ràdh gu soilleir, anns na h‑aimsirean deireannach gun trèig dream àraidh an creideamh, a’ toirt aire do spioradan mealltach, agus do theagasgan dheamhan;

Gidheadh, tha beagan agam ad aghaidh, do bhrìgh gu bheil agad an sin an dream a tha a’ cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap-tuislidh a chur ro chloinn Israeil, a‑chum nithean a dh’ìobradh do iodhalan ithe, agus strìopachas a dhèanamh.

Gidheadh, tha agam beagan de nithean ad aghaidh, gu bheil thu a’ fulang don mhnaoi sin Iesebel, a tha ag ràdh gur ban-fhàidh i fhèin, mo sheirbhisich a theagasg agus a mhealladh a‑chum strìopachas a dhèanamh, agus nithean, a dh’ìobradh do iodhalan, ithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan