Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 16:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mhol an tighearna an stiùbhard eucorach, do bhrìgh gun do rinn e gu glic: oir tha clann an t‑saoghail seo nan ginealach fhèin nas glice na clann an t‑solais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus bha an nathair na bu sheòlta na aon de bheathaichean na machrach a rinn an Tighearna Dia. Agus thubhairt i ris a’ mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, Chan ith sibh de gach craoibh anns a’ ghàrradh?

Ach bha aig Amnon caraid dom b’ainm Ionadab, mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh: agus bha Ionadab na dhuine ro‑sheòlta.

A‑nis, matà, gairmibh am ionnsaigh-sa fàidhean Bhàail uile, a sheirbhisich uile, agus a shagartan uile; na biodh duine dhiubh air chall; oir tha ìobairt mhòr agam ra dèanamh do Bhàal: ge bè neach a bhios air chall, cha mhair e beò. Ach rinn Iehu seo ann an seòltachd, a‑chum gun sgriosadh e luchd-adhraidh Bhàail.

O dhaoine led làimh, a Thighearna, o dhaoine an t‑saoghail, dom bheil an cuibhreann anns a’ bheatha seo, agus don do lìon thu am brù led ionmhas falaichte: sàsaichear an clann, agus fàgaidh iad am fuidheall dan naoidheanan.

Thigibh, buineamaid gu seòlta, air eagal gum fàs iad lìonmhor, agus gun tachair e, nuair a dh’èireas cogadh, gun gabh iadsan mar an ceudna le ar naimhdean-ne, agus gun cog iad nar n‑aghaidh, agus gun tèid iad a‑mach as an tìr.

A rèir a ghliocais molar duine; ach nìthear dìmeas air-san a tha fiar na chridhe.

Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach ge bè neach a labhras an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha mhaithear dha e, anns an t‑saoghal seo, no anns an t‑saoghal a tha ri teachd.

Thubhairt Peadar ris, O choigrich. Thubhairt Iosa ris, Air an adhbhar sin tha a’ chlann saor.

An tì a tha fìrinneach anns an nì as lugha, tha e fìrinneach mar an ceudna ann am mòran; agus an tì a tha eucorach anns an nì as lugha, tha e eucorach ann am mòran mar an ceudna.

Tha fhios agam ciod a nì mi, a‑chum nuair a chuirear as an stiùbhardachd mi, gun gabh iad a‑steach dan taighean mi.

An sin thubhairt e ri fear eile, Agus cia mheud a tha aige ortsa? Agus thubhairt esan, Ceud tomhas cruithneachd. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus sgrìobh ceithir-fichead.

Agus thubhairt an Tighearna, Eisdibh ciod a tha am britheamh eucorach ag ràdh,

Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Tha clann an t‑saoghail seo a’ pòsadh, agus air an toirt ann am pòsadh:

Ach an dream sin a mheasar gur airidh iad air an t‑saoghal ud fhaghail, agus an aiseirigh o na mairbh, chan eil iad a’ pòsadh, no air an toirt ann am pòsadh.

Am feadh is a tha an solas agaibh, creidibh anns an t‑solas, a‑chum gum bi sibh nur cloinn don t‑solas. Labhair Iosa na nithean seo, agus dh’fhalbh e, agus dh’fhalaich e e fhèin uapa.

Na mealladh neach air bith e fhèin: ma shaoileas neach air bith nur measg e fhèin a bhith glic anns an t‑saoghal seo, biodh e na amadan, a‑chum gum bi e glic.

Oir bha sibh uaireigin nur dorchadas, ach a‑nis tha sibh nur solas anns an Tighearna: gluaisibh mar chloinn an t‑solais;

Don deireadh a bhith air an sgrios, don dia am brù; agus aig a bheil an glòir nan nàire, aig a bheil an aire air nithean talmhaidh.)

Is sibhse uile clann an t‑solais, agus clann an là: chan ann den oidhche, no den dorchadas sinn.

Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:

An seo tha clann Dhè, agus clann an diabhail follaiseach: ge bè neach nach dèan fìreantachd chan ann o Dhia a tha e, no an tì nach gràdhaich a bhràthair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan