Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 16:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt e ri fear eile, Agus cia mheud a tha aige ortsa? Agus thubhairt esan, Ceud tomhas cruithneachd. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus sgrìobh ceithir-fichead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a chaidh an seirbhiseach sin fhèin a‑mach, fhuair e aon de a cho-sheirbhisich air an robh aige ceud pèighinn: agus chuir e làmh ann, agus rug e air sgòrnan air, ag ràdh, Ioc dhomh na bheil agam ort.

Agus thubhairt esan, Ceud tomhas ola. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus suidh sìos gu h‑ealamh, agus sgrìobh lethcheud.

Agus mhol an tighearna an stiùbhard eucorach, do bhrìgh gun do rinn e gu glic: oir tha clann an t‑saoghail seo nan ginealach fhèin nas glice na clann an t‑solais.

Agus bu bhantrach i mu thimcheall ceithir bliadhna agus ceithir-fichead a dh’aois nach deachaidh on teampall, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche le trasg agus le ùrnaigh.

Agus a thuilleadh air sin chuir e an treas seirbhiseach uaithe; agus lot iad esan mar an ceudna, agus thilg iad a‑mach e.

An sin thòisich e air a’ chosamhlachd seo a labhairt ris an t‑sluagh: Phlanndaich duine àraidh fìonlios, agus shuidhich e air tuath e; agus chaidh e air choigrich rè aimsir fhada.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan