Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 16:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, Ceud tomhas ola. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus suidh sìos gu h‑ealamh, agus sgrìobh lethcheud.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig am feasgar, thubhairt tighearna a’ ghàrraidh-fhìona sin ra stiùbhard, Gairm an luchd-obrach, agus thoir dhaibh an tuarasdal, a’ tòiseachadh on dream a thàinig mu dheireadh gu ruig na ciad daoine.

Agus mura robh sibh fìrinneach ann an cuid duine eile, cò a bheir dhuibh an nì as leibh fhèin?

Agus air dha gach aon dhiubhsan air an robh fiachan aig a thighearna a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e ris a’ chiad fhear, Cia mheud a tha aig mo thighearna ortsa?

An sin thubhairt e ri fear eile, Agus cia mheud a tha aige ortsa? Agus thubhairt esan, Ceud tomhas cruithneachd. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus sgrìobh ceithir-fichead.

Agus tha mise ag ràdh ribh, Dèanaibh dhuibh fhèin càirdean le Mamon na h‑eucoir; a‑chum nuair a shiùbhlas sibh, gun gabhar sibh do àitean-còmhnaidh sìorraidh.

Agus bha sia soithichean-uisge de chloich air an cur an sin, a rèir gnàth-glanaidh nan Iùdhach, a ghabhadh dà fheircin no trì, gach aon dhiubh.

Gun a bhith a’ ceiltinn aon nì den cuid, ach a’ nochdadh gach uile dheagh thairisneachd; a‑chum gun dèan iad teagasg Dhè ar Slànaighear maiseach anns na h‑uile nithean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan