Agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras, a‑chum gun tum e bàrr a mheòir ann an uisge, agus gum fuaraich e mo theanga; oir tha mi air mo ro‑phianadh anns an lasair seo.
Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo.