Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 16:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt an stiùbhard ann fhèin, Ciod a nì mi? Oir tha mo mhaighistir a’ toirt na stiùbhardachd uam: chan urrainn mi ruamhar a dhèanamh, is nàir leam dèirc iarraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Hàman a‑steach: agus thubhairt an rìgh ris, Ciod a nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur? (A‑nis thubhairt Hàman na chridhe, Cò air an toil leis an rìgh urram a chur nas mò na orm fhèin?)

Miannaichidh anam an leisgein, agus cha bhi aige; ach nìthear anam nan dìcheallach sultmhor.

Tha slighe an leisgein mar ghàrradh droighinn; ach tha rathad nan ionraic air a dhèanamh rèidh.

Mar an ceudna an tì sin a tha leisg na obair, is bràthair e don mhilltear mhòr.

Bheir leisg air duine tuiteam ann an trom chadal; agus fuilingidh an t‑anam dìomhanach acras.

Airson an fhuachd cha treabh an leisgean; iarraidh e dèirc anns an fhogharadh, ach chan fhaigh e.

Ma thogas neach a sheirbhiseach suas gu mùirneach o bhith na leanabh, mu dheireadh bidh e aige mar mhac.

Agus ciod a nì sibh ann an là an smachdachaidh, agus anns an lèirsgrios a thig o chèin? Cò a dh’ionnsaigh a theicheas sibh a‑chum cobhair? Agus càit am fàg sibh ur glòir?

Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise?

Ciod a nì sibh ann an là na h‑àrd-fhèille, agus ann an là fèill an Tighearna?

Agus nuair a thàinig am feasgar, thubhairt tighearna a’ ghàrraidh-fhìona sin ra stiùbhard, Gairm an luchd-obrach, agus thoir dhaibh an tuarasdal, a’ tòiseachadh on dream a thàinig mu dheireadh gu ruig na ciad daoine.

Agus thàinig iad gu Iericho: agus air imeachd dhàsan agus da dheisciobail, agus do shluagh mòr, a‑mach à Iericho, bha Bartimèus an dall, mac Thimèuis, na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce.

Agus smaoinich e ann fhèin, ag ràdh, Ciod a nì mi, a chionn nach eil agam àit anns an cruinnich mi mo thoradh?

Agus ghairm e e, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a tha mi a’ cluinntinn mud thimcheall? Thoir cunntas air do stiùbhardachd; oir chan fhaod thu a bhith nas fhaide ad stiùbhard.

Agus bha duine bochd àraidh ann dom b’ainm Làsaras, a chuireadh na laighe aig a dhoras, làn de chreuchdan.

Agus thàrladh gun d’fhuair an duine bochd bàs, agus gun do ghiùlaineadh leis na h‑ainglean e gu uchd Abrahàim: fhuair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus dh’adhlaiceadh e.

Tha fhios agam ciod a nì mi, a‑chum nuair a chuirear as an stiùbhardachd mi, gun gabh iad a‑steach dan taighean mi.

Agus cha b’àill leis rè tamaill: ach na dhèidh sin thubhairt e ann fhèin, Ged nach eil eagal Dhè orm, no urram agam do dhuine;

Uime sin thubhairt na coimhearsnaich, agus iadsan a chunnaic dall e roimhe sin, Nach e seo esan a bha na shuidhe ag iarraidh na dèirce?

Agus bha duine àraidh a bha na bhacach o bhroinn a mhàthar air a ghiùlan, neach a chuireadh gach là aig doras sin an teampaill ris an abrar Sgiamhach, a dh’iarraidh dèirce orrasan a bha a’ dol a‑steach don teampall:

Agus air dhàsan a bhith air chrith agus làn uamhainn, thubhairt e, A Thighearna, ciod as àill leat mise a dhèanamh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus rach a‑steach don bhaile, agus innsear dhut ciod as còir dhut a dhèanamh.

Oir tha sinn a’ cluinntinn gu bheil daoine àraidh ag imeachd gu mì‑riaghailteach nur measg, nach eil a’ dèanamh obrach sam bith, ach a’ gabhail gnothaich ri nithean nach buin dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan