Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 16:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thubhairt Abrahàm ris, Tha Maois agus na fàidhean aca; èisdeadh iad riùsan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Fiosraichibh de leabhar an Tighearna, agus leughaibh; cha bhi aon dhiubh seo air chall, cha bhi aon as eugmhais a cèile; oir is e mo bheul-sa a thug an àithne, agus is e a spiorad a thionail iad.

Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta.

Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte.

Bha an lagh agus na fàidhean ann gu teachd Eòin: o sin tha rìoghachd Dhè air a searmonachadh, agus tha gach duine a’ dol le dian strì a‑steach innte.

Agus air dha tòiseachadh o Mhaois, agus o na fàidhean uile, dh’eadar-mhìnich e dhaibh anns na sgriobtairean uile na nithean ma thimcheall fhèin.

Agus thugadh dha leabhar an fhàidh Esaias; agus air fosgladh an leabhair dha, fhuair e an t‑àit anns an robh e sgrìobhte,

Oir tha aig Maois o na linntean cian anns gach baile daoine a tha ga shearmonachadh, air dha a bhith air a leughadh gach là sàbaid anns na sionagogan.

Innsibh dhomh, sibhse lem miann a bhith fon lagh, nach cluinn sibh an lagh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan