Agus nuair a thàinig Silas agus Timòteus o Mhacedònia, bha Pòl air a theannadh na spiorad, agus rinn e fianais do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa an Crìosd.
Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.
Agus air an oidhche na dhèidh sin, sheas an Tighearna làimh ris, agus thubhairt e, Biodh misneach mhath agad, a Phòil; oir mar a rinn thu fianais mum thimcheall-sa ann an Ierusalem, is amhail sin as èiginn dhut fianais a dhèanamh anns an Ròimh.
Uime sin air dhomh còmhnadh fhaotainn o Dhia, bhuanaich mi gus an là‑an‑diugh, a’ dèanamh fianais don bheag agus don mhòr, gun nì air bith a labhairt ach na nithean sin a thubhairt na fàidhean agus Maois a bha gu teachd;
Agus air suidheachadh là ris, thàinig mòran da ionnsaigh gu a àite-còmhnaidh; don do mhìnich e rìoghachd Dhè, a’ dèanamh fianais uimpe, agus a’ cur impidh orra a‑thaobh nan nithean a bhuineas do Iosa, araon à lagh Mhaois, agus as na fàidhean, o mhoch-thràth gu feasgar.
An sin air dhaibhsan fianais a dhèanamh agus facal an Tighearna a labhairt, thill iad gu Ierusalem, agus shearmonaich iad an soisgeul ann am mòran de bhailtean nan Samaritanach.
Seo uime sin tha mi ag ràdh, agus a’ guidhe am fianais an Tighearna, gun sibh a dh’imeachd à seo suas mar a tha na Cinnich eile ag imeachd, ann an dìomhanas an inntinn fhèin;
Mar as aithne dhuibh cionnas a dh’earailich sinn, agus a thug sinn comhfhurtachd, agus a chuir sinn impidh air gach aon agaibh fa leth (mar a nì athair ra chloinn),
Gun neach air bith a dhèanamh eucoir no mealltaireachd anns a’ chùis air a bhràthair; do bhrìgh gur e an Tighearna a nì dìoghaltas air an uile leithidean sin, a rèir mar a dh’innis sinn mar an ceudna dhuibh roimhe, agus a rinn sinn fianais.