Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 16:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras, a‑chum gun tum e bàrr a mheòir ann an uisge, agus gum fuaraich e mo theanga; oir tha mi air mo ro‑phianadh anns an lasair seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Chan fhàgar a’ bheag de a bhiadh; uime sin cha bhi sùil aig duine air bith ra mhaoin.

Nuair a sheargas a meangain, brisear iad; thig mnathan agus cuiridh iad ri theine iad; oir is sluagh gun tuigse iad; uime sin cha ghabh an tì a rinn iad truas dhiubh; agus cha nochd esan a dhealbh iad coibhneas dhaibh.

Agus thèid iad a‑mach, agus seallaidh iad air closaichean nan daoine a chiontaich am aghaidh; oir cha bhàsaich a’ chnuimh, agus cha mhùchar an teine; agus bidh iad nan gràinealachd do gach uile fheòil.

Agus seo a’ phlàigh leis am buail an Tighearna na slòigh a chog an aghaidh Ierusaleim: leaghaidh am feòil air falbh am feadh a tha iad nan seasamh air an casan, agus leaghaidh an sùilean air falbh nan sluic, agus leaghaidh an teanga air falbh nam beul.

An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean:

Agus na smaoinichibh a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan sin.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.

Agus thubhairt esan, Chan eadh, Athair Abrahàim: ach ma thèid neach dan ionnsaigh o na mairbh, nì iad aithreachas.

Agus thubhairt Iosa ris, Thàinig slàinte an‑diugh a dh’ionnsaigh an taighe seo, do bhrìgh gur mac do Abrahàm esan mar an ceudna.

Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo.

Fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nam b’aithne dhut tìodhlac Dhè, agus cò e a tha ag ràdh riut, Thoir dhomh deoch, dh’iarradh tu airsan, agus bheireadh e uisge beò dhut.

Ach ge bè neach a dh’òlas den uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air: ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na thobar uisge ann, a’ sruthadh suas a‑chum na beatha maireannaich.

Air an là dheireannach, là mòr sin na fèille, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e am ionnsaigh-sa, agus òladh e.

Agus na athair an timcheall-ghearraidh dhaibhsan nach eil a‑mhàin den timcheall-ghearradh, ach mar an ceudna a tha ag imeachd ann an ceuman creideamh ar n‑athar Abrahàm, a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh.

Ann an teine lasrach, a’ dèanamh dìoghaltais air an dream aig nach eil eòlas air Dia, agus nach eil umhail do shoisgeul ar Tighearna Iosa Crìosd:

Oir gheibh esan breitheanas gun tròcair, nach do rinn tròcair; agus nì tròcair gàirdeachas an aghaidh breitheanais.

Agus is teine an teanga, saoghal de aingidheachd: mar sin tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, ionnas gun salaich i an corp gu h‑iomlan, agus gun las i cùrsa nàdair; agus i fhèin air a lasadh o ifrinn.

Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.

Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine.

Agus dh’fheuch e dhomh abhainn fhìorghlan de uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a’ teachd a‑mach à rìgh-chathair Dhè, agus an Uain.

An sin thubhairt Samuel, Carson matà a tha thu a’ fiosrachadh dhìomsa, agus gun do dhealaich an Tighearna riut, agus gu bheil e a‑nis air fàs na nàmhaid dhut?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan