Tha ionad nam marbh air gluasad shìos air do shon, gud choinneachadh aig do theachd; tha e a’ dùsgadh nam marbh air do shon, uile dhaoine mòra na talmhainn; tha e a’ toirt air uile rìghrean nan cinneach èirigh suas on cathraichean.
Agus thusa, a Chapernàum, a tha air do thogail suas gu nèamh, tilgear sìos gu ifrinn thu: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annadsa air an dèanamh ann an Sòdom, dh’fhan e gun a sgrios gus an‑diugh.
Agus ma bheir do shùil adhbhar oilbheim dhut, spìon asad i, agus tilg uat i: is fheàrr dhut dol a‑steach a‑chum na beatha air leth-shùil, na dà shùil a bhith agad agus thu a bhith air do thilgeadh ann an teine ifrinn.
Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.
Agus ma bheir do shùil dheas adhbhar tuislidh dhut, spìon a‑mach i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn.
Agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras, a‑chum gun tum e bàrr a mheòir ann an uisge, agus gum fuaraich e mo theanga; oir tha mi air mo ro‑phianadh anns an lasair seo.
Nuair a chunnaic e Iosa, ghlaodh e a‑mach, agus thuit e sìos na làthair, agus thubhairt e le guth àrd, Ciod e mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Guidheam ort, na pian mi.
Oir mura do chaomhain Dia na h‑aingil a pheacaich, ach air dha an tilgeadh sìos do ifrinn, gun tug e thairis iad gu bhith air an coimhead ann an slabhraidhean dorchadais, fa chomhair breitheanais;
Agus thilgeadh an diabhal a mheall iad anns an loch theine agus phronnaisg, far a bheil am fiadh-bheathach, agus am fàidh brèige, agus bidh iad air am pianadh a là agus a dh’oidhche, gu saoghal nan saoghal.