Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 16:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha duine bochd àraidh ann dom b’ainm Làsaras, a chuireadh na laighe aig a dhoras, làn de chreuchdan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna, agus bhuail e Iob le neasgaidean cràiteach, o bhonn a choise gu mullach a chinn.

Is lìonmhor àmhgharan an fhìrein, ach asda air fad saoraidh an Tighearna e.

Oir bhuaileadh mi air feadh an là, agus smachdaicheadh mi gach madainn.

O bhonn na coise gu ruig an ceann, chan eil fallaineachd ann; ach lot, agus bruthadh, agus creuchd lobhte; cha do theannaicheadh ri chèile iad, cha do cheangladh suas iad, cha do thaisicheadh le ola iad.

Nach eil ìocshlaint ann an Gilead? Nach eil lèigh an sin? Carson, matà, nach eil slàinte air a h‑aiseag do nighinn mo shluaigh-sa?

Agus air dol a‑mach dha don fhor-dhoras, chunnaic cailinn eile e, agus thubhairt i riùsan a bha an sin, Bha am fear seo mar an ceudna maille ri Iosa o Nàsaret.

Bha duine saoibhir àraidh ann, a bha air a sgeadachadh le purpar agus lìon-aodach grinn, agus bha e a’ caitheamh a bheatha gach là gu sòghail le mòr-ghreadhnachas:

Agus bu mhiann leis a bhith air a shàsachadh leis an spruileach a bha a’ tuiteam o bhòrd an duine shaoibhir; seadh, agus thàinig na madaidhean agus dh’imlich iad a chreuchdan.

A‑nis bha duine àraidh gu tinn, dom b’ainm Làsaras o Bhetani, baile Mhuire agus Mharta a piuthar.

Agus bha duine àraidh a bha na bhacach o bhroinn a mhàthar air a ghiùlan, neach a chuireadh gach là aig doras sin an teampaill ris an abrar Sgiamhach, a dh’iarraidh dèirce orrasan a bha a’ dol a‑steach don teampall:

Dèanadh am bràthair a tha ìosal gàirdeachas na àrdachadh:

Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?

Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan