Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 16:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm e e, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a tha mi a’ cluinntinn mud thimcheall? Thoir cunntas air do stiùbhardachd; oir chan fhaod thu a bhith nas fhaide ad stiùbhard.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Oir bheir Dia gach obair a‑chum breitheanais, maille ris gach nì diamhair, mas math no mas olc e.

Ach tha mi ag ràdh ribh gun toir daoine cunntas ann an là a’ bhreitheanais airson gach facail dhìomhain a labhras iad.

Agus nuair a thàinig am feasgar, thubhairt tighearna a’ ghàrraidh-fhìona sin ra stiùbhard, Gairm an luchd-obrach, agus thoir dhaibh an tuarasdal, a’ tòiseachadh on dream a thàinig mu dheireadh gu ruig na ciad daoine.

Ach thubhairt Dia ris, Amadain, air an oidhche seo fhèin iarrar d’anam uat: an sin cò dha a bhuineas na nithean sin a dh’ullaich thu?

Agus thubhairt an Tighearna, Cò e uime sin an stiùbhard fìrinneach agus glic sin, a chuireas a thighearna os cionn a theaghlaich, a thoirt dhaibh an cuibhreann bìdh na àm fhèin?

Agus thubhairt e mar an ceudna ra dheisciobail, Bha duine saoibhir àraidh ann aig an robh stiùbhard; agus chasaideadh ris e, mar neach a bha a’ dèanamh ana-caithimh air a mhaoin.

An sin thubhairt an stiùbhard ann fhèin, Ciod a nì mi? Oir tha mo mhaighistir a’ toirt na stiùbhardachd uam: chan urrainn mi ruamhar a dhèanamh, is nàir leam dèirc iarraidh.

Air an adhbhar sin bheir gach aon againn cunntas uime fhèin do Dhia.

Oir nochdadh dhòmhsa, a bhràithrean, mur timcheall-se, leòsan a tha de theaghlach Chloe, gu bheil còmhstri nur measg.

Os bàrr iarrar ann an stiùbhardan gum faighear neach dìleas.

Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.

Oir is èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair-bhreitheanais Chrìosd; a‑chum gum faigh gach neach na nithean a rinn e anns a’ cholainn, a rèir an nì a rinn e, mas math no olc e.

Na dearmad an tìodhlac a tha annad, a thugadh dhut tre fhàidheadaireachd, maille ri leagadh làmhan na seanaireachd ort.

Tha peacaidhean cuid de dhaoine follaiseach ro‑làimh, a’ dol romhpa a‑chum breitheanais; agus tha peacaidhean dhream àraidh gan leantainn.

A rèir mar a fhuair gach aon an tìodhlac, mar sin dèanaibh frithealadh da chèile, mar dheagh stiùbhardan air gràs eugsamhail Dhè.

Muinntir a bheir cunntas dhàsan, a tha ullamh gu breith a thoirt air na beòthan agus air na mairbh.

Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan