Gach neach a chuireas uaithe a bhean, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais; agus ge bè neach a phòsas a’ bhean a chuireadh air falbh o a fear, tha e a’ dèanamh adhaltranais.
Agus tha mise ag ràdh ribh, ge bè a chuireas uaithe a bhean, ach airson strìopachais, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais: agus ge bè neach a phòsas ise a chuireadh air falbh, tha e a’ dèanamh adhaltranais.
Bha duine saoibhir àraidh ann, a bha air a sgeadachadh le purpar agus lìon-aodach grinn, agus bha e a’ caitheamh a bheatha gach là gu sòghail le mòr-ghreadhnachas: