Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 16:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, Is sibhse an dream a tha gur fìreanachadh fhèin am fianais dhaoine; ach is aithne do Dhia ur cridheachan: oir an nì sin a tha ro‑mheasail aig daoine, is gràinealachd e am fianais Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

40 Iomraidhean Croise  

Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.

An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, agus maith, agus thoir do gach duine a rèir a shlighean uile, a tha fhios agad air a chridhe (oir is ann agadsa, agadsa a‑mhàin, a tha fhios air cridheachan clann nan daoine);

Oir nì an t‑aingidh ràiteachas à miann a chridhe; agus molaidh e an duine sanntach as beag le Dia.

Is i seo an slighe, eadhon an amaideachd; gidheadh gabhaidh an sliochd tlachd nan cainnt. Selah.

Ged bheannaich e a anam fhèin, nuair a tha e beò; agus molar thusa nuair a nì thu math dhut fhèin.

Thigeadh crìoch air aingidheachd nan aingidh, ach daingnich thusa am fìrean, oir dearbhaidh tu na cridheachan agus na h‑àirnean, a Dhè chothromaich.

Is gràinealachd don Tighearna gach neach a tha uaibhreach na chridhe: ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi e gun pheanas.

Aithrisidh mòran dhaoine gach aon dhiubh a mhaitheas fhèin; ach cò a gheibh duine fìrinneach?

Tha uile shlighean duine ceart na shùilean fhèin; ach measaidh an Tighearna na cridheachan.

Tha mise Iehòbhah a’ rannsachadh a’ chridhe, agus a’ sgrùdadh nan àirnean, a‑chum gun tabhair mi do gach neach a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a dhèanadais.

Agus a‑nis tha sinn a’ meas nan uaibhreach sona: seadh, tha iadsan a tha a’ cur an gnìomh aingidheachd air an àrdachadh: seadh, tha iadsan a tha a’ buaireadh Dhè eadhon air an saoradh.

Ach an obraichean uile tha iad a’ dèanamh a‑chum a bhith air am faicinn le daoine: nì iad am philactaraidhean leathann, agus iomall an aodaich mòr;

Agus nuair a nì sibh trasgadh, na biodh gruaim air ur gnùis, mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir cuiridh iadsan mì‑dhreach air an aghaidh a‑chum gum faicear le daoine iad a bhith a’ trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil an tuarasdal aca.

Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.

Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir is ionmhainn leo ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan, agus ann an coinneachadh nan sràid nan seasamh, a‑chum gum faicear le daoine iad. Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.

Ach air dhàsan toil a bhith aige e fhèin fhìreanachadh, thubhairt e ri Iosa, Agus cò e mo choimhearsnach?

Agus thubhairt an Tighearna ris, A‑nis, Pharasacha, glanaidh sibhse an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis: ach tha an taobh a‑staigh dhibh làn reubainn agus aingidheachd.

Sheas am Pharasach leis fhèin, agus rinn e ùrnaigh mar seo, A Dhè, tha mi a’ toirt buidheachais dhut nach eil mi mar a tha daoine eile, nan luchd-fòirneirt, eucorach, adhaltranach, no eadhon mar an cìs-mhaor seo.

Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

Agus thubhairt esan, Choimhead mi iad sin uile om òige.

Agus labhair e an cosamhlachd seo ri dream àraidh a bha ag earbsa asda fhèin gu robh iad nam fìreanan, agus a bha a’ dèanamh tàir air dream eile:

Agus rinn iad geur-fhaire air, agus chuir iad a‑mach luchd-foille, a leigeadh orra fhèin a bhith nam fìreanan, a‑chum gun dèanadh iad greim air a fhacail, air chor is gun tugadh iad thairis e do chumhachd agus do ùghdarras an uachdarain.

A shluigeas suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a nì ùrnaighean fada: gheibh iad sin an dìteadh as mò.

Agus nach robh feum aige neach air bith a dhèanamh fianais air duine: oir bha fhios aige ciod a bha anns an duine.

Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.

A‑nis cheannaich am fear seo fearann le duais na h‑eucoir; agus air dha tuiteam sìos air a aghaidh, sgàin e anns a’ mheadhon, agus bhrùchd a mhionach uile a‑mach.

Agus rinn iad ùrnaigh, agus thubhairt iad, Thusa a Thighearna, don aithne cridheachan nan uile dhaoine, foillsich cò den dithis seo a thagh thu,

Agus rinn an Dia don aithne an cridhe fianais dhaibh, a’ tabhairt an Spioraid Naoimh dhaibh, mar a thug e dhuinne;

Uime sin cha bhi feòil air bith air a fìreanachadh na fhianais-san, tre obraichean an lagha: oir is ann tre an lagh a tha eòlas peacaidh.

Agus is aithne dhàsan a tha a’ rannsachadh nan cridheachan ciod i inntinn an Spioraid, do bhrìgh gu bheil e a’ dèanamh eadar-ghuidhe airson nan naomh a rèir toil Dhè.

Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.

Ach duine falaichte a’ chridhe, ann an neo-thruaillidheachd spioraid mhacanta agus chiùin, nì a tha ro‑luachmhor ann an sealladh Dhè.

Mar an ceudna, a dhaoine òga, bithibh umhail do na seanairean: seadh, bithibh uile umhail da chèile, agus bithibh air ur sgeadachadh le irioslachd: oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.

Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean.

Ach thubhairt an Tighearna ri Samuel, Na amhairc air a ghnùis, no air àirde a phearsa, a chionn gun do chuir mise cùl ris; oir chan fhaic an Tighearna mar a chì duine; oir amhaircidh an duine air coslas an taoibh a‑muigh, ach amhaircidh an Tighearna a‑steach air a’ chridhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan