Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn; agus mar neach a dh’fhalaicheas a aghaidh uainn, tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth.
Seadh, is coin chìocrach iad nach urrainn a bhith toilichte; agus is buachaillean iad nach urrainn tuigsinn; tha iad a’ sealltainn, gach aon dhiubh, air a shlighe fhèin; gach fear air a bhuannachd o a chrìch fhèin.
Oir on aon as lugha gus an aon as mò dhiubh, tha gach neach ga thoirt fhèin suas da ana-miannan; agus on fhàidh fòs gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge.
Uime sin am mnathan bheir mise do dhaoine eile; am fearann dhaibhsan a thèid an seilbh ann; oir tha iad uile, on neach as mò gus an neach as lugha, air an toirt suas dan ana-miannan; on fhàidh eadhon gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge.
Agus tha iad a’ teachd ad ionnsaigh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phoball-sa, agus tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran gràidh lem beul, ach tha an cridhe a’ dol an dèidh an sannt.
Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.
Agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o shannt: oir chan ann am mòr-phailteas nan nithean a tha e a’ sealbhachadh a tha beatha an duine.
Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè.