Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 16:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chan eil seirbhiseach sam bith comasach air seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna; oir an dara cuid fuathaichidh e aon dhiubh, agus bheir e gràdh don fhear eile; no gabhaidh e le aon dhiubh agus nì e tàir air an fhear eile. Chan eil sibh comasach air seirbhis a dhèanamh do Dhia agus Mhamon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Iosa ris, Imich uam, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Bheir thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis.

Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon.

An neach nach eil leamsa, tha e am aghaidh; agus an neach nach eil a’ cruinneachadh leam, tha e a’ sgapadh.

Ma thig neach air bith am ionnsaigh-sa, agus nach fuathaich e a athair, agus a mhàthair, agus a bhean-phòsda, agus a chlann agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.

Agus mura robh sibh fìrinneach ann an cuid duine eile, cò a bheir dhuibh an nì as leibh fhèin?

Agus tha mise ag ràdh ribh, Dèanaibh dhuibh fhèin càirdean le Mamon na h‑eucoir; a‑chum nuair a shiùbhlas sibh, gun gabhar sibh do àitean-còmhnaidh sìorraidh.

Agus thubhairt Iosa ris, Na bacaibh e: oir ge bè nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn.

Adhaltranaichean, agus a bhan-adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.

Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan