Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 16:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An tì a tha fìrinneach anns an nì as lugha, tha e fìrinneach mar an ceudna ann am mòran; agus an tì a tha eucorach anns an nì as lugha, tha e eucorach ann am mòran mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Cò e, mas eadh, a tha na òglach fìrinneach agus glic, a chuir a thighearna os cionn a mhuinntir, a thabhairt bìdh dhaibh na àm fhèin?

Agus thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan, cuiridh mise os cionn mhòran thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna.

Thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan de nithean, cuiridh mise os cionn mòran de nithean thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna.

Agus thubhairt e ris, Is math, a dheagh sheirbhisich: do bhrìgh gu robh thusa fìrinneach ann an ro‑bheagan, biodh agadsa uachdaranachd air deich bailtean.

Thubhairt e seo, cha b’ann a chionn gu robh suim aige de na bochdan; ach a chionn gum bu ghadaiche e, agus gu robh an sporan aige, agus gun do ghiùlain e na nithean a chuireadh ann.

Agus nuair a bha an t‑suipear thairis (air don diabhal a‑nis a chur ann an cridhe Iùdais Iscarioit, mac Shìmoin, esan a bhrath),

Agus an sin an dèidh a’ ghreama, chaidh Sàtan a‑steach annsan. An sin thubhairt Iosa ris, An nì a tha thu a’ dèanamh, dèan gu grad e.

A bha dìleas dhàsan a dh’òrdaich e, amhail a bha Maois mar an ceudna na thaigh-san uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan