Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 16:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e mar an ceudna ra dheisciobail, Bha duine saoibhir àraidh ann aig an robh stiùbhard; agus chasaideadh ris e, mar neach a bha a’ dèanamh ana-caithimh air a mhaoin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abram, A Thighearna Dhè, ciod a bheir thu dhomh, agus mi ag imeachd gun chloinn, agus gur e Elièser seo o Dhamascas fear-riaghlaidh mo thaighe?

Agus thàinig iad am fagas do fhear-riaghlaidh taigh Iòseiph, agus labhair iad ris aig doras an taighe,

Agus chruinnich Daibhidh gu Ierusalem uile cheannardan Israeil, ceannardan nan treubh, agus ceannardan nan roinnean a bha a’ frithealadh don rìgh, agus na ceannardan mhìltean, agus na ceannardan cheud, agus an luchd-riaghlaidh os cionn uile mhaoin agus sprèidh an rìgh agus a mhac, leis an luchd-dreuchd, agus na daoine cumhachdach, agus na daoine gaisgeil uile.

Mar an ceudna an tì sin a tha leisg na obair, is bràthair e don mhilltear mhòr.

Agus cha robh fhios aice gun tug mise dhi arbhar, agus fìon, agus ola, agus an t‑airgead a rinn mi pailt dhi, agus an t‑òr a thug iad mar thabhartas do Bhàal.

Agus nuair a thàinig am feasgar, thubhairt tighearna a’ ghàrraidh-fhìona sin ra stiùbhard, Gairm an luchd-obrach, agus thoir dhaibh an tuarasdal, a’ tòiseachadh on dream a thàinig mu dheireadh gu ruig na ciad daoine.

Agus thubhairt an Tighearna, Cò e uime sin an stiùbhard fìrinneach agus glic sin, a chuireas a thighearna os cionn a theaghlaich, a thoirt dhaibh an cuibhreann bìdh na àm fhèin?

Agus an dèidh beagan làithean, chruinnich am mac a b’òige a chuid uile, agus ghabh e a thuras do dhùthaich fad air astar, agus an sin chaith e a mhaoin le beatha straoidheasaich.

Ach nuair a thàinig do mhac seo, a dh’ith suas do bheathachadh maille ri strìopaichean, mharbh thu an laogh biadhte dha.

Bha duine saoibhir àraidh ann, a bha air a sgeadachadh le purpar agus lìon-aodach grinn, agus bha e a’ caitheamh a bheatha gach là gu sòghail le mòr-ghreadhnachas:

Agus ghairm e e, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a tha mi a’ cluinntinn mud thimcheall? Thoir cunntas air do stiùbhardachd; oir chan fhaod thu a bhith nas fhaide ad stiùbhard.

Agus thàinig fear eile, ag ràdh, A thighearna, feuch do phunnd, a bha agamsa taisgte ann an nèapaigean:

Agus Ioanna bean Chusa, stiùbhard Heroid, agus Susanna, agus mòran eile, a bha a’ frithealadh dha lem maoin.

Oir is còir do easbaig a bhith neo-choireach, mar stiùbhard Dhè, gun a bhith fèin-thoileil, no feargach, no òlmhor, no tuasaideach, no cionail air buannachd shalaich;

Tha sibh ag iarraidh, agus chan eil sibh a’ faotainn, do bhrìgh gu bheil sibh ag iarraidh gu h‑olc, a‑chum gun caith sibh e air ur n‑ana-miannan.

A rèir mar a fhuair gach aon an tìodhlac, mar sin dèanaibh frithealadh da chèile, mar dheagh stiùbhardan air gràs eugsamhail Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan