Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 15:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thig e dhachaigh, gairmidh e a chàirdean agus a choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh riu, Dèanaibh gàirdeachas maille riumsa, a chionn gun d’fhuair mi mo chaora a bha caillte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Chaidh mi air seachran mar chaora chaillte; iarr d’òglach, oir cha do dhìochuimhnich mi d’àitheantan.

Agus chuala a coimhearsnaich agus a càirdean mar a nochd an Tighearna mòr-thròcair dhi: agus rinn iad gàirdeachas maille rithe.

Mar an ceudna tha mi ag ràdh ribh, Tha gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacaich a nì aithreachas.

Oir bha mo mhac seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; bha e caillte, agus fhuaireadh e. Agus thòisich iad air a bhith subhach.

Agus air dha a faotainn, cuiridh e air a ghuaillean i le gàirdeachas.

Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi aoibhneas air nèamh airson aon pheacaich a nì aithreachas, nas mò na airson naoi-deug agus ceithir-fichead fìrean, aig nach eil feum air aithreachas.

Is sibhse mo chàirdean-sa, ma nì sibh gach nì a tha mi ag àithneadh dhuibh.

An tì aig a bheil a’ bhean nuadh-phòsda, is e am fear nuadh-pòsda e: ach caraid an fhir nuadh-phòsda, a tha na sheasamh agus ag èisdeachd ris, tha e a’ dèanamh gàirdeachais mhòir airson guth an fhir nuadh-phòsda: uime sin tha mo ghàirdeachas-sa air a choileanadh.

Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.

Agus air dhaibh a bhith air an toirt air an aghaidh leis an eaglais, chaidh iad tro Phenice, agus Shamaria, a’ cur an cèill iompachadh nan Cinneach: agus thug iad aoibhneas mòr do na bràithrean uile.

A‑ghnàth ann am uile ùrnaighean air ur son-se uile, le gàirdeachas a’ dèanamh guidhe,

Seadh agus ma dh’ìobrar mi air ìobairt agus seirbhis fhollaiseach ur creidimh-se, tha aoibhneas orm, agus tha mi a’ dèanamh gàirdeachais maille ribhse uile.

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach agus air a bheil mo dhèidh, m’aoibhneas agus mo chrùn, seasaibh mar seo gu daingeann anns an Tighearna, a mhuinntir mo ghràidh.

Oir ciod e ar dòchas-ne, no ar n‑aoibhneas, no ar crùn uaille? Nach sibhse fhèin e ann am fianais ar Tighearna Iosa Crìosd aig a theachd?

Nach robh uaireigin nur sluagh, ach a‑nis is sibh sluagh Dhè: dream nach d’fhuair tròcair, ach a‑nis a tha air faotainn tròcair.

Oir bha sibh mar chaoraich a’ dol air seachran; ach thilleadh sibh a‑nis a‑chum Buachaille agus Easbaig ur n‑anama.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan