Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 15:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cò an duine dhibhse aig a bheil ceud caora, ma chailleas e aon dhiubh, nach fàg an naoi-deug agus an ceithir-fichead anns an fhàsach, agus nach tèid an dèidh na caorach a chailleadh gus am faigh e i?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Chaidh mi air seachran mar chaora chaillte; iarr d’òglach, oir cha do dhìochuimhnich mi d’àitheantan.

Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.

Ann am bailtean nam beann, agus ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus ann am bailtean na h‑àird a deas, agus ann am fearann Bheniàmin, agus anns na h‑ionadan timcheall Ierusaleim, agus ann am bailtean Iùdah, siùbhlaidh na treudan a‑rìs fo làimh an tì a ghabhas an àireamh, deir an Tighearna.

Bu chaoraich chaillte mo shluagh-sa: thug an aodhairean orra dol air seachran, tharraing iad a thaobh iad air na slèibhtean; shiubhail iad o shliabh gu cnoc, leig iad an àite-fois air dìochuimhn.

Iarraidh mi a’ chuid a chailleadh, agus bheir mi air ais a’ chuid a dh’fhuadaicheadh air falbh, agus ceanglaidh mi suas a’ chuid a bhriseadh, agus neartaichidh mi a’ chuid a bha tinn: ach sgriosaidh mi an reamhar agus an làidir; beathaichidh mi iad sin le breitheanas.

Agus sibhse, mo threud, treud m’ionaltraidh, is daoine sibh, agus is mise ur Dia, deir an Tighearna Dia.

Cha do neartaich sibh an lag, cha mhò a leighis sibh an tinn, cha mhò a cheangail sibh suas esan a bha briste, cha mhò a thug sibh air ais a’ chuid a sgapadh, cha mhò a dh’iarr sibh a’ chuid a chailleadh; ach le ainneart riaghail sibh iad, agus le an‑iochd.

Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu deimhinn a chionn gu robh mo threud nan creich, agus gun do rinneadh mo threud nam biadh do uile bheathaichean na machrach, a chionn nach robh aodhair sam bith ann, cha mhò a dh’iarr m’aodhairean mo threud, ach bheathaich na h‑aodhairean iad fhèin, agus cha do bhiadh iad mo threud-sa;

Agus thubhairt esan riu, Cò an duine agaibhse aig am bi aon chaora, agus, ma thuiteas i ann an sloc air là na sàbaid, nach beir oirre, agus nach tog a‑nìos i?

An sin fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, A chealgair, nach fuasgail gach aon agaibh a dhamh no a asal on phrasaich, agus nach toir e gu uisge e air là na sàbaid?

Agus labhair esan an cosamhlachd seo riu, ag ràdh,

Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a thèarnadh an nì sin a bha caillte.

Uime sin tha thu gun leisgeul, O dhuine, cò air bith thu a tha a’ toirt breith: oir nuair a tha thu a’ toirt breith air neach eile, tha thu gad dhìteadh fhèin; oir thusa a tha a’ toirt breith, tha thu a’ dèanamh nan nithean sin fhèin.

Oir bha sibh mar chaoraich a’ dol air seachran; ach thilleadh sibh a‑nis a‑chum Buachaille agus Easbaig ur n‑anama.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan