Agus thubhairt e ris, A mhic, tha thusa a‑ghnàth maille rium, agus na h‑uile nithean as leamsa, is leatsa iad.
Ach nuair a thàinig do mhac seo, a dh’ith suas do bheathachadh maille ri strìopaichean, mharbh thu an laogh biadhte dha.
Bu chòir dhuinn a bhith subhach, agus aoibhneach; oir bha do bhràthair seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; agus bha e caillte, agus fhuaireadh e.
Agus chan fhan an seirbhiseach anns an taigh gu bràth: ach fanaidh am mac gu bràth.
Tha mi ag ràdh mas eadh, An do thilg Dia a phoball uaithe? Nar leigeadh Dia. Oir is Israeleach mise fhèin mar an ceudna, de shliochd Abrahàim, de threubh Bheniàmin.
No cò a thug dha air tùs, agus a làn-dìolar a‑rìs dha e?
A tha nan Israelich; dom buin an uchd-mhacachd, agus a’ ghlòir, agus na coicheangail, agus tabhairt an lagha, agus seirbhis Dhè, agus na geallaidhean;