Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 15:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach nuair a thàinig do mhac seo, a dh’ith suas do bheathachadh maille ri strìopaichean, mharbh thu an laogh biadhte dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus ghuidh Maois air an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, Carson, a Thighearna, a tha do chorraich a’ lasadh an aghaidh do shluaigh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit le cumhachd mòr, agus le làimh thrèin?

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh sìos; oir thruaill do shluagh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, iad fhèin.

Am fear a ghràdhaicheas gliocas, nì e a athair ait; ach esan a chumas cuideachd ri strìopaichean, caithidh e a mhaoin.

Oir thilg iadsan uile ann dem mòr-phailteas; ach thilg ise as a gainne na bha aice uile, eadhon a beathachadh gu h‑iomlan.

Ach fhreagair esan agus thubhairt e ra athair, Feuch, tha mise a’ dèanamh seirbhis dhut an uiread seo de bhliadhnachan, agus uair air bith cha do bhris mi d’àithne, gidheadh cha tug thu meann riamh dhomh, a‑chum gum bithinn subhach maille rim chàirdean.

Agus thubhairt e ris, A mhic, tha thusa a‑ghnàth maille rium, agus na h‑uile nithean as leamsa, is leatsa iad.

Bu chòir dhuinn a bhith subhach, agus aoibhneach; oir bha do bhràthair seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; agus bha e caillte, agus fhuaireadh e.

Sheas am Pharasach leis fhèin, agus rinn e ùrnaigh mar seo, A Dhè, tha mi a’ toirt buidheachais dhut nach eil mi mar a tha daoine eile, nan luchd-fòirneirt, eucorach, adhaltranach, no eadhon mar an cìs-mhaor seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan