Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 15:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair esan an cosamhlachd seo riu, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.

Agus bidh mi aoibhneach ann an Ierusalem, agus nì mi gàirdeachas ann am shluagh; agus cha chluinnear guth caoidh no guth caoinidh innte nas mò.

Ach gum b’fheàrr leibh dol a dh’ionnsaigh caoraich chaillte taigh Israeil.

Agus labhair e mòran de nithean riu ann an cosamhlachdan, ag ràdh, Feuch, chaidh fear-cuir a‑mach a chur sìl.

Ach imichibh agus fòghlamaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair is àill leam, agus chan ìobairt: oir cha tàinig mise a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach a‑chum aithreachais.

Agus rinn na Pharasaich agus na sgrìobhaichean gearan, ag ràdh, Tha am fear seo a’ gabhail pheacach da ionnsaigh, agus ag ithe maille riu.

Cò an duine dhibhse aig a bheil ceud caora, ma chailleas e aon dhiubh, nach fàg an naoi-deug agus an ceithir-fichead anns an fhàsach, agus nach tèid an dèidh na caorach a chailleadh gus am faigh e i?

Thubhairt e ris a‑rìs an dara uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Thubhairt e ris, Seadh, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich mo chaoraich.

Agus nuair a chuala iadsan seo, thug iad glòir don Tighearna, agus thubhairt iad ris-san, Tha thu a’ faicinn, a bhràthair, cia lìon mìle de na h‑Iùdhaich a tha a’ creidsinn; agus tha iad uile ro‑eudmhor mun lagh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan