Agus ghairm e da ionnsaigh aon de na h‑òglaich, agus dh’fhiosraich e ciod a bu chiall do na nithean sin.
A‑nis bha a mhac a bu shine a‑muigh anns an fhearann: agus nuair a thàinig e, agus a thàr e am fagas don taigh, chuala e an ceòl agus an dannsa.
Agus thubhairt esan ris, Thàinig do bhràthair: agus mharbh d’athair an laogh biadhte, a chionn gun d’fhuair e a‑rìs slàn fallain e.
Agus air cluinntinn an t‑sluaigh a’ dol seachad, dh’fheòraich e ciod e seo.
Agus bha iad uile fo uamhas, agus ann an ioma-chomhairle, ag ràdh gach aon ri chèile, Ciod as ciall dha seo?