A‑rìs togaidh mi thu, agus bidh tu air do thogail, O òigh Israeil; a‑rìs sgeadaichear thu led thiompanan, agus thèid thu a‑mach ann an dannsa na muinntir a nì aighear.
Tha iad cosmhail ri cloinn a tha nan suidhe anns a’ mhargadh, agus a dh’èigheas ri chèile, ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse gul.