Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 15:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bha mo mhac seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; bha e caillte, agus fhuaireadh e. Agus thòisich iad air a bhith subhach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Eadhon air dhuinn a bhith marbh ann am peacaidhean, cho-bheothaich e sinn maille ri Crìosd; (le gràs tha sibh air ur tèarnadh;)

Iarraidh mi a’ chuid a chailleadh, agus bheir mi air ais a’ chuid a dh’fhuadaicheadh air falbh, agus ceanglaidh mi suas a’ chuid a bhriseadh, agus neartaichidh mi a’ chuid a bha tinn: ach sgriosaidh mi an reamhar agus an làidir; beathaichidh mi iad sin le breitheanas.

Agus sibhse a bha marbh nur n‑euceartan, agus ann an neo-thimcheall-ghearradh ur feòla, bheothaich e maille ris, a’ maitheadh dhuibh nan uile euceart;

Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a thèarnadh an nì sin a bha caillte.

Agus sibhse bheothaich e, a bha marbh ann an euceartan agus ann am peacaidhean:

Cò an duine dhibhse aig a bheil ceud caora, ma chailleas e aon dhiubh, nach fàg an naoi-deug agus an ceithir-fichead anns an fhàsach, agus nach tèid an dèidh na caorach a chailleadh gus am faigh e i?

Bu chòir dhuinn a bhith subhach, agus aoibhneach; oir bha do bhràthair seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; agus bha e caillte, agus fhuaireadh e.

Mar sin mar an ceudna measaibh-se gu bheil sibh fhèin gu deimhinn marbh don pheacadh, ach beò do Dhia tre Iosa Crìosd ar Tighearna.

Oir shaor lagh Spiorad na beatha, ann an Iosa Crìosd, mise o lagh a’ pheacaidh agus a’ bhàis.

Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.

Agus tillidh saor-dhaoine an Tighearna, agus thig iad gu Sion le caithreim, agus aoibhneas sìorraidh air an cinn: gheibh iad gàirdeachas agus aoibhneas, agus teichidh bròn agus osnaich air falbh.

Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò:

Uime sin tha e ag ràdh, Mosgail, thusa a tha ad chadal, agus èirich o na mairbh, agus bheir Crìosd solas dhut.

Agus ma dh’fhuilingeas aon bhall, co‑fhuilingidh na buill uile; no ma gheibh aon bhall urram, nì na buill uile gàirdeachas maille ris.

Ach ise a tha a’ caitheamh a beatha ann am macnas, air dhi a bhith beò, tha i marbh.

Oir mas e an tilgeadh-san air falbh rèiteachadh an domhain, ciod e an ath-ghabhail ach beatha o na mairbh?

Agus na tugaibh ur buill nan airm euceirt don pheacadh: ach thugaibh sibh fhèin do Dhia, mar dhream a tha beò o na mairbh, agus ur buill nan airm fìreantachd do Dhia.

Oir mar tha an t‑Athair a’ dùsgadh, agus a’ beothachadh nam marbh, is amhail sin a tha am Mac a’ beothachadh an dream as àill leis.

Agus thàinig e gu Betsaida; agus thug iad da ionnsaigh duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris.

Cha do neartaich sibh an lag, cha mhò a leighis sibh an tinn, cha mhò a cheangail sibh suas esan a bha briste, cha mhò a thug sibh air ais a’ chuid a sgapadh, cha mhò a dh’iarr sibh a’ chuid a chailleadh; ach le ainneart riaghail sibh iad, agus le an‑iochd.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Sardis, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì aig a bheil seachd spioradan Dhè, agus na seachd reultan, ag ràdh: Is aithne dhomh d’obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, gidheadh tha thu marbh.

Is smalan iad sin nur cuirmean gràidh, nuair a tha iad air cuirmean maille ribh, gam beathachadh fhèin gun eagal: is neòil iad gun uisge, air an giùlan mun cuairt le gaothan; craobhan searg-mheasach, gun toradh; dà uair marbh, air an spìonadh as am freumhan;

Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh.

Agus thubhairt Israel, Is leòr e; tha Iòseph mo mhac fhathast beò: thèid mi agus chì mi e mum faigh mi bàs.

A‑chum gun deoghail sibh, agus gum bi sibh sàsaichte le cìochan a sòlais; a‑chum gun tarraing sibh, agus gum faigh sibh toil-inntinn ann am pailteas a glòire.

Ach thubhairt Iosa ris, Lean mise, agus leig leis na mairbh am mairbh fhèin adhlacadh.

Ach thubhairt Iosa ris, Leig leis na mairbh am mairbh fhèin adhlac; ach imich thusa agus searmonaich rìoghachd Dhè.

Agus thugaibh an seo an laogh biadhte, agus marbhaibh e; agus itheamaid agus bitheamaid subhach:

A‑nis bha a mhac a bu shine a‑muigh anns an fhearann: agus nuair a thàinig e, agus a thàr e am fagas don taigh, chuala e an ceòl agus an dannsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan