Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 15:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thugaibh an seo an laogh biadhte, agus marbhaibh e; agus itheamaid agus bitheamaid subhach:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus ruith Abrahàm a dh’ionnsaigh a’ chruidh, agus ghabh e laogh maoth agus math, agus thug e do òganach e; agus rinn e deifir ga dheasachadh.

Mar le smior agus le saill sàsaichear m’anam, agus le bilean aoibhneach molaidh mo bheul thu;

Is fheàrr tràth de luibhean, far am bi gràdh, na damh biadhte agus fuath leis.

Mharbh i a feòil; mheasg i a fìon; dheasaich i mar an ceudna a bòrd:

Agus anns a’ bheinn seo nì an Tighearna do na h‑uile chinnich cuirm de nithean blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithean blasda làn de smior, de fhìon aosda air a dheagh tharraing.

Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan:

Oir bha mo mhac seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; bha e caillte, agus fhuaireadh e. Agus thòisich iad air a bhith subhach.

Agus bha aig a’ mhnaoi laogh biadhte anns an taigh, agus rinn i cabhag agus mharbh i e: agus ghabh i min mhìn, agus dh’fhuin i i, agus rinn i aran neo-ghortaichte dhith:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan