Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 15:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus thug Phàraoh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus chuir e air làimh Iòseiph e; agus sgeadaich e e ann an trusgan de lìon-aodach grinn, agus chuir e slabhraidh òir ma mhuineal.

Agus thug an rìgh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus thug e e do Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, nàmhaid nan Iùdhach.

Agus thug an rìgh dheth a fhàinne a thug e o Hàman, agus thug e e do Mhordecai. Agus chuir Ester Mordecai os cionn taigh Hàmain.

Eididh mi a sagartan le slàinte, agus nì a naoimh àrd-luathghaire.

Sgeadaichear do shagartan le ionracas, agus dèanadh do naoimh luath-ghaire.

Tha e a’ dèanamh mo chas mar chasan èilde, agus gam shocrachadh air m’àitean àrda.

Uile ghlòrmhor tha nighean an rìgh a‑staigh; air obrachadh le òr tha a h‑aodach.

Cia àillidh do chasan ann am brògan, a nighean rìoghail! Tha uilt do shliasad mar usgraichean, obair làmhan fir-ceàirde:

Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan.

Agus thubhairt am mac ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair-sa, agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac dhìom.

Agus thugaibh an seo an laogh biadhte, agus marbhaibh e; agus itheamaid agus bitheamaid subhach:

Ach cuiribh umaibh an Tighearna Iosa Crìosd, agus na dèanaibh ullachadh airson na feòla, a‑chum a h‑ana-miannan a riarachadh.

Eadhon fìreantachd Dhè tre chreideamh Iosa Crìosd, do na h‑uile, agus air na h‑uile a chreideas; oir chan eil eadar-dhealachadh ann:

Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a‑rìs a‑chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h‑uchd-mhacachd, tre an glaodh sinn, Abba, Athair.

Oir a mheud agaibh is a bhaisteadh do Chrìosd, chuir sibh umaibh Crìosd.

Agus ullachadh soisgeul na sìthe mar bhrògan agaibh air ur casan,

Bidh do bhrògan nan iarann agus nan umha; agus mar do làithean is amhlaidh a bhios do neart.

Agus thugadh dhi gum biodh i air a sgeadachadh le lìon-aodach grinn, glan agus dealrach: oir is e an lìon-aodach grinn fìreantachd nan naomh.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.

Comhairlicheam dhut òr a cheannach uamsa, air a dhearbhadh anns an teine, a‑chum gum bi thu saoibhir; agus aodach geal, a‑chum gun còmhdaichear thu, agus nach bi nàire do lomnochdaidh follaiseach; agus ung do shùilean le sàbh-shùl, a‑chum gur lèir dhut.

Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh.

An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, sluagh mòr nach robh neach sam bith comasach air àireamh, de na h‑uile chinnich, agus threubhan, agus shlòigh, agus theangaidhean, nan seasamh an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair an Uain, air an sgeadachadh le trusganan fada geala, agus pailm aca nan làmhan;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan