Agus thubhairt am mac ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair-sa, agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac dhìom.
Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.
A‑mhàin aidich do chionta, gun do rinn thu easaontas an aghaidh an Tighearna do Dhia; agus gun do rinn thu do shlighean coitcheann do choigrich, fo gach aon chraoibh uaine; agus nach tug sibh gèill dom ghuth-sa, deir an Tighearna.
A‑chum gun cuimhnich thu, agus gum bi nàire ort, agus nach fhosgail thu do bheul gu bràth nas mò, do bhrìgh do nàire, nuair a bhios mise rèidh riut airson gach uile nì a rinn thu, deir an Tighearna Iehòbhah.
Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh a athar. Ach air dha a bhith fhathast fada uaithe, chunnaic a athair e, agus ghabh e truas mòr dheth, agus ruith e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e.
Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan:
No an dèan thu tarcais air saoibhreas a mhaitheis, agus a fhoighidinn, agus a fhad-fhulangais, gun fhios a bhith agad gu bheil maitheas Dhè gad threòrachadh a‑chum aithreachais?