Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 15:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn na Pharasaich agus na sgrìobhaichean gearan, ag ràdh, Tha am fear seo a’ gabhail pheacach da ionnsaigh, agus ag ithe maille riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl, agus tha iad ag ràdh, Feuch, duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach: ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn.

Agus nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a dh’itheas ur Maighistir-se maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich?

Agus labhair esan an cosamhlachd seo riu, ag ràdh,

Agus nuair a chunnaic iad seo, rinn iad uile gearan, ag ràdh gun deachaidh e a‑steach air aoidheachd gu duine a tha na pheacach.

Agus rinn an sgrìobhaichean agus am Pharasaich gearan an aghaidh a dheisciobal-san, ag ràdh, Carson a tha sibh ag ithe agus ag òl maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich?

Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl; agus their sibh, Feuch duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach.

Agus nuair a chunnaic am Pharasach, a thug cuireadh dha, seo, labhair e ann fhèin, ag ràdh, Nam b’fhàidh an duine seo, bhiodh fhios aige cò i a’ bhean seo a tha a’ beantainn ris, agus ciod as gnè dhi; oir is peacach i.

Ag ràdh, Chaidh thu a‑steach a dh’ionnsaigh dhaoine nach robh air an timcheall-ghearradh, agus dh’ith thu maille riu.

Oir ro do dhream àraidh teachd o Sheumas, dh’ith e biadh maille ris na Cinnich, ach nuair a thàinig iadsan, chaidh e a thaobh, agus thearbaidh e e fhèin, air eagal na muinntir a bha den timcheall-ghearradh.

Is fìor an ràdh seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gun tàinig Iosa Crìosd don t‑saoghal a thèarnadh pheacach, dem mise an ciad-fhear.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan