A ùrnaigh mar an ceudna, agus mar a dh’èisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus a easaontas, agus na h‑àitean anns an do thog e ionadan àrda, agus anns an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte, mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad sgrìobhte am measg briathran nam fear-seallaidh.
Gu deimhinn is tusa ar n‑Athair, ged nach aithne do Abrahàm sinn, agus nach eil Israel a’ gabhail rinn; is tusa, a Thighearna, ar n‑Athair, ar Fear-saoraidh; tha d’ainm o shìorraidheachd.
Agus nuair a thubhairt mi, Cionnas a bheir mi àite dhut am measg mhac, agus a bheir mi dhut am fearann taitneach, oighreachd aoibhneach sluagh nan cinneach? An sin thubhairt mi, Goiridh tu riumsa, M’athair; agus cha till thu air d’ais om leantainn.
Nach e Ephraim mo mhac caomh? Nach leanabh ro‑thaitneach e? Oir on uair anns an do labhair mi na aghaidh, tha mi gu dùrachdach ga chuimhneachadh fhathast: uime sin tha iomairt ann am chom air a shon: nì mi gu deimhinn tròcair air, deir an Tighearna.
Agus mar a dh’àithn iad bun freumh a’ chroinn fhàgail, bidh do rìoghachd cinnteach dhut, an dèidh dhut fios a bhith agad gu bheil na nèamhan a’ riaghladh.
Air an adhbhar sin mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thabhairt dur cloinn, nach mò na sin a bheir ur n‑Athair a tha air nèamh nithean matha dhaibhsan a dh’iarras air iad?
Agus thubhairt e riu, Nuair a nì sibh ùrnaigh, abraibh, Ar n‑Athair a tha air nèamh, gun naomhaichear d’ainm. Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil, mar air nèamh, guma h‑amhlaidh sin air thalamh.
Agus nuair a thàinig e da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, Cia lìon de luchd-tuarasdail m’athar-sa aig a bheil aran gu leòr agus ra sheachnadh, nuair a tha mise a’ bàsachadh le gort?
Agus thubhairt am mac ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair-sa, agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac dhìom.
Agus air seasamh don chìs-mhaor fad air ais, cha b’àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia, dèan tròcair ormsa a tha am pheacach.