Agus nuair a thàinig e da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, Cia lìon de luchd-tuarasdail m’athar-sa aig a bheil aran gu leòr agus ra sheachnadh, nuair a tha mise a’ bàsachadh le gort?
Is olc seo am measg nan uile nithean a nìthear fon ghrèin, gun tachair an t‑aon nì dhaibh uile; agus mar an ceudna gu bheil cridhe clann nan daoine làn uilc, agus gu bheil cuthach nan cridhe am fad agus as beò iad, agus na dhèidh sin gun tèid iad a‑chum nam marbh.
Gu deimhinn an dèidh dhomh a bhith air mo thilleadh, ghabh mi aithreachas; agus an dèidh dhomh a bhith air mo theagasg, bhuail mi air mo leis; bha nàire orm, seadh fòs geur-amhluadh, a chionn gun do ghiùlain mi masladh m’òige.
Chuimhnich Ierusalem ann an là a h‑àmhghair, agus a truaighe, air a h‑uile nithean sòlasach a bha aice anns na làithean o shean; an tràth thuit a daoine ann an làimh an nàmhaid, agus nach do rinn neach a cuideachadh; chunnaic na naimhdean, agus rinn iad fanaid air a sàbaidean.
Agus leanaidh i an dèidh a luchd-gaoil, ach cha bheir i orra; agus iarraidh i iad, ach chan amais i orra: an sin their i, Siùbhlaidh mi agus tillidh mi gum chiad fhear, oir bha mi na b’fheàrr dheth an sin na a‑nis.
Agus chaidh iadsan a‑mach a dh’fhaicinn an nì a rinneadh; agus thàinig iad gu Iosa, agus fhuair iad an duine as an deachaidh na deamhain na shuidhe aig casan Iosa, air èideadh, agus e na chèill: agus ghabh iad eagal.
Agus nuair a thàinig Peadar da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, A‑nis tha fhios agam gu fìrinneach gun do chuir an Tighearna aingeal uaithe, agus gun do shaor e mi o làimh Heroid, agus o uile dhùil poball nan Iùdhach.
A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a’ chuid eile de na h‑abstoil, Fheara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn?