Dh’amhairc mi air mo làimh dheis, agus feuch, cha robh fear ann dom b’aithne mi; thrèig cobhair mi; cha robh neach ann a dh’fheòraicheadh airson m’anama.
Tha e a’ teachd beò air luaithre; thug cridhe meallta air seachran e, air chor is nach toir e as a anam fhèin; cha mhò a their e, Nach eil breug ann am làimh dheis?
Carson a tha sibh a’ caitheamh airgid air nì nach aran, agus ur saothair air nì nach sàsaich? Eisdibh le deagh aire riumsa, agus ithibh an nì a tha math; agus gabhadh ur n‑anam toil-inntinn ann an cuirm shòghmhoir.
Tha Ephraim ag ionaltradh air gaoith, agus ag imeachd an dèidh na gaoithe an ear: gach aon là tha e a’ cur bhreug agus reubainn an lìonmhorachd; rinn iad fòs coicheangal ri Asiria, agus tha ola ga giùlan don Eiphit.
Na toiribh an nì naomh do na madaidhean, agus na tilgibh ur neamhnaidean am fianais nam muc, air eagal gun saltair iad orra len casan, agus air tilleadh dhaibh gu reub iad sibh fhèin as a chèile.
Agus nuair a thàinig e da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, Cia lìon de luchd-tuarasdail m’athar-sa aig a bheil aran gu leòr agus ra sheachnadh, nuair a tha mise a’ bàsachadh le gort?