Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:
Airson cionta a shannta bha corraich orm, agus bhuail mi e, a’ falach mo ghnùise ann am feirg; agus dh’imich e roimhe gu fiar, air slighe a chridhe fhèin.
O Thighearna, nach eil do shùilean-sa air an fhìrinn? Bhuail thu iad, ach cha do rinn iad bròn; chaith thu iad, ach dhiùlt iad gabhail ri smachdachadh; rinn iad an aghaidh nas cruaidhe na creag; dhiùlt iad tilleadh.
Thusa fòs a thug breith air do pheathraichean, giùlain do nàire fhèin, airson do lochdan a chuir thu an gnìomh nas gràineile na iadsan: tha iadsan nas ionraice na thusa: seadh, bi thusa air do mhaslachadh fòs, agus giùlain do nàire, a chionn gun d’fhìreanaich thu do pheathraichean.
A‑chum gun cuimhnich thu, agus gum bi nàire ort, agus nach fhosgail thu do bheul gu bràth nas mò, do bhrìgh do nàire, nuair a bhios mise rèidh riut airson gach uile nì a rinn thu, deir an Tighearna Iehòbhah.
Uime sin rinn mise fòs sibhse suarach agus tàireil ann an sealladh an uile shluaigh, a rèir mar nach do choimhead sibh mo shlighean, ach gu robh sibh leth-bhreitheach anns an lagh.
Na toiribh an nì naomh do na madaidhean, agus na tilgibh ur neamhnaidean am fianais nam muc, air eagal gun saltair iad orra len casan, agus air tilleadh dhaibh gu reub iad sibh fhèin as a chèile.
Agus an dèidh beagan làithean, chruinnich am mac a b’òige a chuid uile, agus ghabh e a thuras do dhùthaich fad air astar, agus an sin chaith e a mhaoin le beatha straoidheasaich.
Ach a‑nis air dhuibh a bhith saor on pheacadh, agus nur seirbhisich do Dhia, tha ur toradh agaibh a‑chum naomhachd, agus a’ chrìoch a’ bheatha mhaireannach.
Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas-umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana-miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath-thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile.