Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 15:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh beagan làithean, chruinnich am mac a b’òige a chuid uile, agus ghabh e a thuras do dhùthaich fad air astar, agus an sin chaith e a mhaoin le beatha straoidheasaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

35 Iomraidhean Croise  

Oir feuch, sgriosar iadsan a thèid fada uat; gheàrr thu as gach neach a chaidh uat le strìopachas.

Mar an ceudna an tì sin a tha leisg na obair, is bràthair e don mhilltear mhòr.

Bidh esan na dhuine bochd a ghràdhaicheas sògh; an tì a ghràdhaicheas fìon agus ola chan fhàs e saoibhir.

Tha ionmhas taitneach agus ola ann an àite-còmhnaidh an duine ghlic; ach caithidh an t‑amadan e.

Mar eun air seachran o a nead, mar sin tha am fear a thèid air seachran o a àite fhèin.

An tì a ghleidheas an lagh, is mac glic e; ach esan a tha na chompanach do luchd-craois, nàraichidh e a athair.

Am fear a ghràdhaicheas gliocas, nì e a athair ait; ach esan a chumas cuideachd ri strìopaichean, caithidh e a mhaoin.

Oir le mnaoi strìopachail bheirear duine gu greim arain; agus sealgaidh a’ bhan-adhaltranach air an anam luachmhor.

Ah, cinneach peacach! Sluagh luchdaichte le aingidheachd! Sìol nan daoi! Clann a tha nam milltearan! Thrèig iad an Tighearna, bhrosnaich iad Tì naomh Israeil gu feirg, dh’fhalbh iad air an ais.

Ach feuch, aoibhneas agus aighear, marbhadh dhamh agus casgairt chaorach, ithe feòla agus òl fìona; itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.

Claonaibh air falbh on t‑slighe; rachaibh a lethtaobh on rathad dhìreach; cuiribh air falbh uainn Tì naomh Israeil.

Thigibh, deir iad, gabhamaid fìon, agus òlamaid deoch làidir; agus mar an là‑an‑diugh bidh a‑màireach, agus nas ro‑phailte gu mòr.

Oir chuir mo shluagh-sa dà olc an gnìomh: thrèig iad mise, tobar nan uisgeachan beò; agus chladhaich iad a‑mach dhaibh fhèin sluic, sluic eu‑dionach, nach cùm uisge.

O sibhse den ghinealach seo, feuchaibh facal an Tighearna: an robh mise am fhàsach do Israel, am fhearann dorchadais? Cuime an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirnn fhèin; cha tig sinn nas mò thugadsa?

Mar seo deir an Tighearna, Ciod an t‑euceart a fhuair ur n‑athraichean annamsa, gun d’imich iad fada uam, agus gun do ghluais iad an dèidh dìomhanais, agus gun d’fhàs iad dìomhain?

O mo shluagh, ciod a rinn mise ort? Agus ciod anns an do sgìthich mi thu? Tog fianais am aghaidh.

Agus thubhairt am mac a b’òige dhiubh ra athair, Athair, thoir dhòmhsa a’ chuid-roinn a thig orm ded mhaoin. Agus roinn e eatorra a bheathachadh.

Agus nuair a chaith e a chuid uile, dh’èirich gort ro‑mhòr anns an tìr sin; agus thòisich e ri bhith ann an uireasbhaidh.

Ach nuair a thàinig do mhac seo, a dh’ith suas do bheathachadh maille ri strìopaichean, mharbh thu an laogh biadhte dha.

Agus thubhairt e mar an ceudna ra dheisciobail, Bha duine saoibhir àraidh ann aig an robh stiùbhard; agus chasaideadh ris e, mar neach a bha a’ dèanamh ana-caithimh air a mhaoin.

Bha duine saoibhir àraidh ann, a bha air a sgeadachadh le purpar agus lìon-aodach grinn, agus bha e a’ caitheamh a bheatha gach là gu sòghail le mòr-ghreadhnachas:

Ach a‑nis ann an Iosa Crìosd, tha sibhse a bha roimhe seo fad o làimh, air ur toirt am fagas tre fhuil Chrìosd.

Agus thàinig e agus shearmonaich e sìth dhuibhse a bha am fad, agus dhaibhsan a bha am fagas.

Agus gheibh iad tuarasdal na h‑euceirt, mar dhream a mheasas mar shubhachas sògh anns an là: is smalan iad agus adhbhar-maslaidh, a’ gabhail toileachas-inntinn nam mealltaireachd fhèin, am feadh a tha iad air cuirmean maille ribh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan