Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 15:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt am mac a b’òige dhiubh ra athair, Athair, thoir dhòmhsa a’ chuid-roinn a thig orm ded mhaoin. Agus roinn e eatorra a bheathachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

O dhaoine led làimh, a Thighearna, o dhaoine an t‑saoghail, dom bheil an cuibhreann anns a’ bheatha seo, agus don do lìon thu am brù led ionmhas falaichte: sàsaichear an clann, agus fàgaidh iad am fuidheall dan naoidheanan.

Oir thilg iadsan uile ann dem mòr-phailteas; ach thilg ise as a gainne na bha aice uile, eadhon a beathachadh gu h‑iomlan.

Agus thubhairt e, Bha aig duine àraidh dithis mhac:

Agus an dèidh beagan làithean, chruinnich am mac a b’òige a chuid uile, agus ghabh e a thuras do dhùthaich fad air astar, agus an sin chaith e a mhaoin le beatha straoidheasaich.

Ach nuair a thàinig do mhac seo, a dh’ith suas do bheathachadh maille ri strìopaichean, mharbh thu an laogh biadhte dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan