A bheil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh? tha an Tighearna Dia ag ràdh: nach ann a tha mo thlachd na thilleadh o a shlighe, agus gum biodh e beò?
Abair riu, Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, chan eil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh; ach gun tilleadh an t‑aingidh o a shlighe, agus gum biodh e beò: tillibh, tillibh, o ur droch shlighean, carson a bhàsaicheas sibh, O thaigh Israeil?
Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh.
Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi aoibhneas air nèamh airson aon pheacaich a nì aithreachas, nas mò na airson naoi-deug agus ceithir-fichead fìrean, aig nach eil feum air aithreachas.
Agus air dhi a fhaotainn, gairmidh i a bana-chàirdean agus a bana-choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas leamsa, oir fhuair mi am bonn a chaill mi.
Uime sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am maitheadh; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr: ach ge bè neach dom maithear beagan, bidh a ghràdh beag.
Agus nuair a chuala iad na nithean seo, thosd iad, agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Thug Dia mas eadh mar an ceudna do na Cinnich aithreachas a‑chum na beatha.