Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 14:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gun tig an tì a thug cuireadh dhutsa agus dhàsan, agus gun abair e riut, Thoir àite don duine seo; agus gun tòisich thusa an sin le nàire air suidhe anns an àit as ìsle.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Nuair a thig uabhar, thig masladh; ach aig na h‑iriosail tha gliocas.

Ro sgrios thèid uabhar; agus ro leagadh, spiorad àrdanach.

Sealbhaichidh na daoine glice urram; ach is e nàire àrdachadh nan amadan.

Agus nuair a thubhairt e na nithean sin, chuireadh a naimhdean uile gu nàire; ach rinn an sluagh uile gàirdeachas, airson nan uile nithean glòrmhor a rinneadh leis.

Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan