Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 14:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair e cosamhlachd riùsan a fhuair cuireadh, nuair a thug e fa‑near mar a thagh iad na ciad àiteachan-suidhe, ag ràdh riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Oir is fheàrr gun abrar riut, Thig a‑nìos an seo, na gun cuirear sìos thu am fianais an uachdarain a chunnaic do shùilean.

Nach eil gliocas ag èigheachd? Agus nach eil tuigse a’ cur a‑mach a gutha?

A mhic an duine, cuir a‑mach tòimhseachan, agus labhair cosamhlachd ri taigh Israeil;

Na nithean sin uile labhair Iosa ris a’ phoball ann an cosamhlachdan; agus gun chosamhlachd cha do labhair e riu:

Agus is ionmhainn leo na ciad ionadan-suidhe anns na fèillean, agus na ciad chathraichean anns na coitheanail,

Is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir is ionmhainn leibh na ciad àitheachan-suidhe anns na sionagogan, agus fàilte fhaotainn air na margaidhean.

Thugaibh an aire dhuibh fhèin o na sgrìobhaichean, leis am miann imeachd ann an culaidhean fada, agus leis an ionmhainn fàilte fhaotainn air na margaidhean, agus na cathraichean as àirde anns na sionagogan, agus na ciad àiteachan-suidhe aig fèillean;

Na dèanar aon nì tre chonnspaid, no tre ghlòir dhìomhain, ach ann an irioslachd inntinn measadh gach aon gur fheàrr neach eile na e fhèin.

Sgrìobh mi a‑chum na h‑eaglais: ach cha ghabh Diotrephes, leis am miann àrd-cheannas a bhith aige nam measg, rinn.

Agus thubhairt Samson riu, Cuiridh mi a‑nis tòimhseachan a‑mach dhuibh: ma chuireas sibh gu cinnteach an cèill dhomh e an taobh a‑staigh de sheachd làithean na cuirme, agus gum faigh sibh a‑mach e, an sin bheir mise dhuibh deich-ar‑fhichead brat-lìn, agus deich-ar‑fhichead culaidh aodaich:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan