Bi rèidh rid eascaraid gu luath, am feadh a bhios tu maille ris anns an t‑slighe: air eagal gun toir an t‑eascaraid thairis thu don bhritheamh, agus gun toir am britheamh thu don mhaor, agus gun tilgear ann am prìosan thu.
Nuair a thèid thu maille rid eascaraid a‑chum an uachdarain, dèan dìcheall anns an t‑slighe air a bhith air do shaoradh uaithe; air eagal gun tarraing e a‑chum a’ bhritheimh thu, agus gun toir am britheamh thairis don mhaor thu, agus gun tilg am maor am prìosan thu.
No cò an rìgh, aig dol a‑mach dha gu cogadh an aghaidh rìgh eile, nach suidh sìos air tùs, agus nach gabh comhairle, a dh’fheuchainn an urrainn e le deich mìle coinneamh a thoirt dhàsan a tha a’ teachd le fichead mìle na aghaidh?
Agus bha fearg mhòr air Herod ri muinntir Thìruis agus Shìdoin: ach thàinig iadsan a dh’aon inntinn da ionnsaigh, agus air dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt air an crann, dh’iarr iad sìth; do bhrìgh gu robh an tìr air a beathachadh le tìr an rìgh.