Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 14:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

No cò an rìgh, aig dol a‑mach dha gu cogadh an aghaidh rìgh eile, nach suidh sìos air tùs, agus nach gabh comhairle, a dh’fheuchainn an urrainn e le deich mìle coinneamh a thoirt dhàsan a tha a’ teachd le fichead mìle na aghaidh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair rìgh Israeil, agus thubhairt e, Abraibh ris, Na dèanadh an tì sin uaill, a tha a’ crioslachadh a armachd uime, mar an tì a chuir dheth i.

Cuir do làmh air, cuimhnich an cath, na dèan tuilleadh.

Daingnichear gach tionnsgnadh le comhairle; agus le comhairle ghlic dèan cogadh.

Na gabh a‑mach gu h‑obann gu strì, air eagal nach bi fhios agad ciod a nì thu na dhèidh sin, nuair a bheir do choimhearsnach gu nàire thu.

Ag ràdh, Thòisich an duine seo air taigh a thogail, agus cha b’urrainn e a chrìochnachadh.

No air a bhith dhàsan fhathast fada uaithe, cuiridh e teachdaireachd a dh’iarraidh cumhachan sìthe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan