Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 14:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Iosa, agus labhair e ris an luchd-lagha, agus ris na Pharasaich, ag ràdh, A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air là na sàbaid?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, bha duine ann aig an robh làmh sheargte: agus (a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh,) dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air làithean na sàbaid?

Ach nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thubhairt iad ris, Feuch, tha do dheisciobail a’ dèanamh an nì nach còir a dhèanamh air là na sàbaid.

An sin chuir neach àraidh dhiubh, a bha na fhear-teagaisg an lagha, ceist air, ga dhearbhadh, agus ag ràdh,

Agus thubhairt e riu, A bheil e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid, no olc; anam a thèarnadh, no a sgrios? Ach dh’fhan iadsan nan tosd.

Agus, feuch, bha duine àraidh nan làthair air an robh a’ mheud-bhronn.

Ach dh’fhan iadsan nan tosd. Agus air dha breith air, leighis e e, agus leig e uaithe e:

An sin thubhairt Iosa riu, Feòraichidh mise aon nì dhibh: A bheil e ceadaichte air làithean na sàbaid math a dhèanamh, no olc, anam a shaoradh, no a sgrios?

Ma tha duine air an t‑sàbaid a’ gabhail timcheall-ghearraidh, a‑chum nach bi lagh Mhaois air a briseadh, a bheil fearg agaibh riumsa, a chionn gun do rinn mi duine gu h‑iomlan slàn air an t‑sàbaid?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan