Air eagal an dèidh dha a bhunait a leagadh, agus gun a bhith comasach air crìoch a chur air, gun tòisich na h‑uile a chì e ri fanaid air,
Agus ag ràdh, Thusa a leagas an teampall, agus a chuireas suas an trì làithean e, fòir ort fhèin: mas tu Mac Dhè, thig a‑nuas on chrann-cheusaidh.
Oir cò am fear agaibhse leis am miann tùr a thogail, nach suidh sìos air tùs, agus nach meas an costas, a dh’fheuchainn a bheil aige na chuireas crìoch air?
Ag ràdh, Thòisich an duine seo air taigh a thogail, agus cha b’urrainn e a chrìochnachadh.
Cuiribh umaibh uile armachd Dhè, a‑chum gum bi sibh comasach air seasamh an aghaidh cuilbheirtean an diabhail.