Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 14:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir cò am fear agaibhse leis am miann tùr a thogail, nach suidh sìos air tùs, agus nach meas an costas, a dh’fheuchainn a bheil aige na chuireas crìoch air?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ullaich d’obair a‑muigh, agus deasaich i dhut fhèin anns an achadh, agus na dhèidh sin tog do thaigh.

Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme-sa: ach, ge bè a bhuanaicheas gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.

Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus neadan aig eunlaith an adhair; ach chan eil aig Mac an Duine ionad anns an cuir e a cheann fodha.

Agus ge bè neach nach giùlain a chrann-ceusaidh, agus nach lean mise, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.

Air eagal an dèidh dha a bhunait a leagadh, agus gun a bhith comasach air crìoch a chur air, gun tòisich na h‑uile a chì e ri fanaid air,

Mar sin mar an ceudna, gach neach agaibhse nach trèig na h‑uile nithean a tha aige, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.

An sin fhreagair Pòl, Ciod as ciall dhuibh, a’ gul, agus a’ briseadh mo chridhe? Oir tha mise ullamh chan ann a‑mhàin gu bhith air mo cheangal, ach eadhon gu bàsachadh ann an Ierusalem airson ainm an Tighearna Iosa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan