Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 14:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma thig neach air bith am ionnsaigh-sa, agus nach fuathaich e a athair, agus a mhàthair, agus a bhean-phòsda, agus a chlann agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Le fuath iomlan tha mi a’ tabhairt fuath dhaibh; mar naimhdean measam iad.

Agus thubhairt e ris, Cha tèid mi maille ribh: ach imichidh mi a‑chum mo dhùthcha fhèin, agus a‑chum mo dhìlsean fhèin.

An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn-sa, chan airidh orm e:

Agus thubhairt fear eile, Phòs mi bean, agus air an adhbhar sin chan eil e an comas dhomh teachd.

Agus bha sluagh mòr ag imeachd maille ris: agus air dha tionndadh, thubhairt e riu,

Esan a ghràdhaicheas a anam; caillidh e e; agus esan a dh’fhuathaicheas a anam anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e e a‑chum na beatha maireannaich.

Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.

A rèir mar a tha e sgrìobhte, Ghràdhaich mi Iàcob, ach dh’fhuathaich mi Esau.

Ma bhios aig duine dà mhnaoi, aon dhiubh gràdhaichte agus an aon eile fuathaichte, agus ma rug iad clann dha, araon a’ bhean ghràdhaichte agus a’ bhean fhuathaichte; agus mas leis a’ mhnaoi fhuathaichte an ciad-ghin mic,

A thubhairt ra athair agus ra mhàthair, Chan fhaca mi e; agus cha do ghabh e ra bhràithrean, agus cha d’aithnich e a chlann fhèin: oir choimhead iad d’fhacail, agus ghlèidh iad do choicheangal.

Seadh gun amharas, agus tha mi a’ meas nan uile nithean nan call, airson ro‑òirdheirceas eòlas Iosa Crìosd mo Thighearna: airson an d’fhuiling mi call nan uile nithean, agus tha mi a’ meas gur aolach iad a‑chum gun cosnainn Crìosd.

Agus thug iad buaidh air tre fhuil an Uain, agus tre fhacal am fianais-san; agus cha do ghràdhaich iad an anaman fhèin gu bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan