Agus thubhairt an tighearna ris an t‑seirbhiseach, Gabh a‑mach gus na rathaidean mòra agus na gàrraidhean, agus co‑èignich iad gu teachd a‑steach, a‑chum gum bi mo thaigh air a lìonadh.
Agus is e seo an dìteadh, gun tàinig an solas don t‑saoghal, agus gun do ghràdhaich daoine an dorchadas nas mò na an solas, a chionn gu robh an gnìomharan olc.
An tì a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireannach aige; ach an tì nach eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, chan fhaic e beatha; ach tha fearg Dhè a’ gabhail còmhnaidh air.
An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Tha mise a’ falbh, agus iarraidh sibh mi, agus bàsaichidh sibh nur peacadh; chan urrainn sibhse teachd don àite dom bheil mise a’ dol.
An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.