Agus thubhairt an tighearna ris an t‑seirbhiseach, Gabh a‑mach gus na rathaidean mòra agus na gàrraidhean, agus co‑èignich iad gu teachd a‑steach, a‑chum gum bi mo thaigh air a lìonadh.
Agus tàrlaidh anns an là sin gun sèidear a’ ghall-tromp mhòr: agus thig iadsan a bha a’ bàsachadh ann an tìr Asiria, agus iadsan a bha air an sgapadh ann an tìr na h‑Eiphit; agus sleuchdaidh iad sìos don Tighearna, anns an t‑sliabh naomh ann an Ierusalem.
Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm-sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm-sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh.
Ach cho-èignich iadsan e, ag ràdh, Fan maille rinne, oir tha e dlùth don fheasgar, agus tha deireadh an là ann. Agus chaidh e a‑steach a dh’fhuireach maille riu.
Agus nuair a bhaisteadh i, agus a teaghlach, ghuidh i oirnn, ag ràdh, Ma mheas sibh mise a bhith dìleas don Tighearna, thigibh a‑steach dom thaigh, agus dèanaibh còmhnaidh ann. Agus cho-èignich i sinn.
Agus nuair a chuir iad na aghaidh, agus a labhair iad toibheum, chrath e a aodach, agus thubhairt e riu, Biodh ur fuil air ur ceann fhèin; tha mise glan: à seo suas thèid mi a‑chum nan Cinneach.
Ach thubhairt an Tighearna ris, Imich; oir is soitheach taghte dhòmhsa e, a‑chum m’ainm a ghiùlan am fianais nan Cinneach, agus rìghrean, agus chloinn Israeil.
Uime sin, air dhuinn fios a bhith againn air uamhas an Tighearna, tha sinn a’ cur impidh air daoine; ach tha sinn follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam mar an ceudna gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean-se.
Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear.
Neach a tha sinne a’ searmonachadh, a’ toirt rabhaidh do gach duine, agus a’ teagasg gach uile dhuine anns an uile ghliocas; a‑chum gun nochd sinn gach uile dhuine na làthair-san iomlan ann an Iosa Crìosd: