Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 14:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt fear eile, Phòs mi bean, agus air an adhbhar sin chan eil e an comas dhomh teachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt fear eile, Cheannaich mi còig cuing dhamh, agus tha mi dol gan dearbhadh: tha mi a’ guidhe ort, gabh mo leisgeul.

Agus thàinig an seirbhiseach sin, agus dh’innis e na nithean sin da thighearna. An sin air gabhail feirge do fhear-an‑taighe, thubhairt e ra sheirbhiseach, Gabh a‑mach gu grad gu sràidean agus gu caol-shràidean a’ bhaile, agus thoir a‑steach an seo na bochdan, agus na daoine ciurramach, agus na bacaich, agus na doill.

Ach an tì a tha pòsda, bidh cùram nithean an t‑saoghail air, cionnas a dh’fhaodas e a bhean a thoileachadh.

Nuair a ghabhas duine bean nuadh, cha tèid e a‑mach gu cogadh, cha mhò a chuirear cùram gnothaich sam bith air: fanaidh e saor aig a thaigh fhèin aon bhliadhna, agus bheir e subhachas da mhnaoi a ghabh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan