Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 14:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thòisich iad uile a dh’aon ghuth air an leisgeul a ghabhail. Thubhairt an ciad fhear ris, Cheannaich mi fearann, agus is èiginn dhomh dol a‑mach agus fhaicinn: tha mi a’ guidhe ort, gabh mo leisgeul.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Cò ris an labhair mi, agus don toir mi rabhadh, air chor is gun cluinn iad? Feuch, tha an cluas gun timcheall-ghearradh, agus chan urrainn iad èisdeachd: feuch, tha facal Iehòbhah dhaibhsan na mhasladh; chan eil tlachd aca ann.

Agus chuir e a sheirbhiseach uaithe an àm na suipeir a ràdh ris a’ mhuinntir a fhuair cuireadh, Thigibh, oir tha na h‑uile nithean a‑nis ullamh.

Agus thubhairt fear eile, Cheannaich mi còig cuing dhamh, agus tha mi dol gan dearbhadh: tha mi a’ guidhe ort, gabh mo leisgeul.

Agus nuair a chunnaic Iosa gun robh e làn tùirse, thubhairt e, Cia deacair dhaibhsan aig a bheil saoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè!

Agus an nì a thuit am measg droighinn, is iad sin an dream a dh’èisdeas, agus air dhaibh dol a‑mach, tha iad air an tachdadh le cùram, agus le saoibhreas, agus le sàimh na beatha seo, agus chan eil iad a’ toirt toraidh uapa a‑chum foirfeachd.

Thàinig e a dh’ionnsaigh a dhùthcha fhèin, agus cha do ghabh a mhuinntir fhèin ris.

Gidheadh chan àill leibh teachd am ionnsaigh-sa, a‑chum gum faigheadh sibh beatha.

Ged dh’fhaodainn-sa mar an ceudna muinghinn a bhith agam anns an fheòil. Ma shaoileas aon neach eile gum faod e muinghinn a chur anns an fheòil, is mò na sin a dh’fhaodas mise:

Oir thrèig Dèmas mi, air dha an saoghal seo a tha an làthair a ghràdhachadh, agus chaidh e do Thesalonìca; Crescens do Ghalàtia, Tìtus do Dhalmàtia.

Agus tionndaidhidh iad an cluasan air falbh on fhìrinn, agus tionndaidhear iad a‑chum sgeulachdan faoine.

Air eagal gum bi fear-strìopachais ann, no neach mì‑naomh sam bith mar Esau, a reic airson aon ghreim bìdh còir a chiad-bhreith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan